Obraichean oifigearan Gàidhlig gan glèidheadh
Thèid Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig a ghlèidheadh 's Riaghaltas na h-Alba air barrachd airgid a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig.
Tha seo a' fàgail gum bi 27 cosnaidhean air an dìon.
Chaidh maoineachadh eadar-amail, luach £175,000, a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig airson an sgeama, ach tha an Riaghaltas ag iarraidh gun tèid sgrùdadh a dhèanamh leis a' Bhòrd gus plana nas seasmhaich a lorg air a shon san àm ri teachd.
Seo Mìcheal MacNèill.