Targaid àrainneachd ga leigeil seachad
Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gun tèid cur às do fhear de na prìomh thargaidean aca air atharrachadh na gnàth-shìde.
Dh'aidich ministearan nach tèid sgaoileadh carboin a lùghdachadh a-nis 75% ro 2030.
Bha seo na bhriseadh-dùil mhòr dha luchd-iomairt na h-àrainneachd, mar a tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.