Obair air tòiseachadh air Drochaid Cheasaig
- Air fhoillseachadh

Mairidh an obair fad fichead seachdain.
Tha an dàrna pàirt den obair-càraidh air Drochaid Cheasaig a-nis air tòiseachadh.
Tha dùil gun lean an obair, air an t-slighe deas den drochaid, fad fichead seachdain.
Chaidh càradh mar-thà a dhèanamh air taobh eile na drochaid mar phàirt de chùmhnant anns a bheil luach £13m.
Dàil
Tha dùil gun cuir an obair na h-uimhir de mhaill air dràibhearan, 's casg-astair 30 msu an sàs air an drochaid.
Thathas ag iarraidh air luchd-siubhail còmhdhail phoblach a chleachdadh ma 's urrainn dhaibh idir gus nach bi uiread de thrafaig a' cleachdadh na drochaid.
Bidh còrr 's 30,000 carbad a' dol tarsainn Drochaid Cheasaig gach là - a' ciallachadh gur i tè de na drochaidean as trainge ann an Alba.
Tha Bear Scotland air rabhadh a thoirt gum faodadh dàil suas ri uair de thìde a thighinn air dràibhearan, aig a' char as miosa, fhad 's a tha an obair a' leantainn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh14 An t-Ògmhios 2013

- Air fhoillseachadh11 An Gearran 2013
