Iarrtas 'son seach-rathaid sa Ghearasdan
- Air fhoillseachadh
Impidh 'son seach-rathaid sa Ghearasdan.
Tha daoine ann an Loch Abar ag iarraidh air Còmhdhail Alba fuasgladh fhaighinn air trioblaidean trafaig a' Ghearasdain.
Nochd gearainean mar-thà air an t-Samhradh seo mu cho trang 's a tha am baile.
Tha feadhainn ag ràdh gu bheil an trafaig cho dona aig amannan 's gun toir e uair de thìde dhaibh faighinn tron bhaile.
Dh'iarradh cuid seach-rathad - beachd a tha air nochdadh grunn thursan roimhe thar nam bliadhnaichean.
Bha planaichean a nochd anns na 1980an a' moladh rathad bho làrach an t-seann ghearasdain, air cùl Inbhir Lòchaidh agus tarsainn an rathaid a th' ann chun an A82 faisg air an raon ghoilf.
"Dhèanadh e feum mòr", thuirt Calum Mac a' Ghobhainn, a tha a' fuireach sa Ghearasdan.
"Ach 's e an rud, tha còrr is 30 bliadhna bho thàinig mise dhan Ghearasdan agus bha iad a' bruidhinn mu dheidhinn an uairsin is chan eil càil air a dhèanamh.
"Feumaidh iad rudeigin a dhèanamh is sin an aon rud a ghabhas a dhèanamh.
"Tha làn thìde a dhèanamh", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An Lùnastal 2017
