Manaidsear Ross County a' call obair

  • Air fhoillseachadh
Steven Fearghasdan

Chuir Ross County am manaidsear aca, Jim Mac an t-Saoir, agus an leas-mhanaidsear, Billy Dodds, a-mach às an dreuchdan.

Tha na Staggies an-dràsta san deicheamh àite sa Phremiership.

Nì stiùiriche na h-acadamaidh, Steven Fearghasdan, obair a' mhanaidseir gus an tèid neach ùr fhastadh.

Ghluais Mac an t-Saoir gu County ann an 2014 's e a' gabhail àite Derek Adams a chaidh a chur a-mach às an obair.

Ron a sin bha Mac an t-Saoir na mhanaidsear aig Queen of the South fad 15 mìosan.

Thuirt an cluba gu robh iad airson taing a thoirt do Mhac an t-Saoir agus do Dodds airson an obair chruaidh a rinn iad aig a' chluba.

"Tha sinn gu sònraichte airson aithne a thoirt dhan dòigh a stiùir iad an cluba gus cupa mòr a choisinn airson a' chiad uair.

"Tha sinn a' guidhe gach soirbheachas dhaibh san àm ri teachd," thuirt iad.

Tha County ag ràdh gun do thòisich iad a' sireadh manaidsear ùr.

Geamaichean gan call

Le Mac an t-Saoir aig an stiùir bhuannaich na Staggies a' chiad fharpais mhòr aca, Cupa an Lìog, ann an 2015-16 nuair a rinn iad a' chùis an aghaidh Hibernian 2-1.

Bhuannaich iad an aghaidh Celtic 3-1 san iar chuairt dheireannach den fharpais.

Thòisich cùisean gu math dhan chluba aig toiseach an t-seasain agus an sgioba a' buannachadh dà gheama ann an Cupa an Lìog san Iuchar.

Thòisich an iomairt aca sa Phremiership gu math cuideachd 's iad a' dèanamh a' chùis air Dùn Dè.

Ach chaill iad an uairsin an aghaidh Tobar na Màthar, Obair Dheathain agus Rangers sa lìog.

Chaill iad an aghaidh Tobair na Màthar a-rithist ann an Cupa an Lìog.

Chan eil iad a-nis ach aon phuing air thoiseach air Partick Thistle agus Cill Mhàrnaig a tha aig bonn an lìog.

Tuilleadh air an sgeulachd seo