Àranais air a ghlasadh
- Air fhoillseachadh

Riochdairean an GMB aig Àranais.
Tha luchd-obrach BiFab ann an Gàrradh Àranais ann an Leòdhas air aontachadh cumail orra ag obair air a' chùmhnant a tha sa ghàrradh.
Tha iad cuideachd air an gàrradh a ghlasadh gus nach gabh càil a thoirt a-mach no a-steach gun chead riochdairean an aonaidh.
Thàinig riochdairean bhon aonadh GMB dhan ghàrradh Dihaoine agus tha iad cuideachd air coinneachadh ri BP na sgìre, Aonghas Brianan MacNèill.
Thuirt Rùnaire na h-Eaconamaidh, Keith Brown, gu bheil adhartas ga dhèanamh gus a' chompanaidh einnsinnìridh a shàbhaladh.
Tha BiFab, aig a bheil làraichean ann am Fìobha a thuilleadh air Àranais, ann an cunnart a dhol ann an rianachd air sgàth thrioblaidean ionmhais.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh17 An t-Samhain 2017

- Air fhoillseachadh16 An t-Samhain 2017

- Air fhoillseachadh14 An t-Samhain 2017

- Air fhoillseachadh13 An t-Samhain 2017

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh