Fear an greim an rannsachadh muirt an Eilean Bhòid

  • Air fhoillseachadh
Alesha NicPhàil.Tùs an deilbh, Facebook

Tha Poileas Alba air dearbhadh gu bheil iad air fear a chur an greim fo amharas muirt an co-cheangal ri bàs na h-ìghne bige Alesha NicPhail ann an Eilean Bhòid.

Chaidh a corp a lorg san Àrd Bheag ann am Baile Bhòid le ball dhen phoball madainn Diluain.

Thuirt An Det. Superintendent Stiùbhart Houston gun robh iad air taic susbainteach fhaighinn bho na h-iarrtasan poblach aca.

Ach thuirt e: "A dh'aindeoin an leasachaidh cudromaich seo feasgar an-diugh, tha mi fhathast ag iarraidh air duine sam bith a bha ann an sgìre Rathaid An Àirde Bhig oidhche Dhòmhnaich neo tràth madainn Diluain fios a chur thugainn"

Dh'iarr e cuideachd air daoine aig a bheil camarathan CCTV anns na dachannan neo anns na gnìomhachasan aca, neo fiù 's air na carbadan aca brath a chur chun nam poileas.

Cha deach fiosrachadh sam bith mun fhireannach a chaidh a chur an greim a sgaoileadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo