Cupa MhicShimidh le Lòbhat a-rithist
- Air fhoillseachadh

Bhuannaich Lòbhat Cupa MhicShimidh a-rithist.
Rinn sgioba Chill Targhlainn an gnothach 3-1 air na nàbaidhean aca bhon Mhanchainn aig Pàirce Braeview Diciadain.
'S iad Graeme Mac a' Mhaoilein, Donnchadh Davidson is Marc MacLachlainn a chuir na tadhail dha Lòbhat, is Jack Dòmhnallach air an targaid 'son na Manachainn.
Tha Lòbhat a-nise air Cupa MhicShimidh a bhuannachadh ceithir bliadhna ann an sreath.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 Am Faoilleach 2019
