Fear a bhàsaich air ainmeachadh
- Air fhoillseachadh

Dh'ainmich na Poilis deugaire a chaill a bheatha ann an tubaist-rathaid faisg air Inbhir Nis air an deireadh-sheachdain.
B' e Samuel Foster, 18, à Ceann Loch.
Thachair an tubaist air an A82 aig Dabhach Gairbheach mu 10:20f oidhche Dhòmhnaich.
Bha Samuel Foster a' dràibheadh Renault Clio ghuirm a bhuail ann am Ford Galaxy airgid.
Call
Cha deach boireannach a bha aig cuibhle a' Ford Galaxy a leòn gu dona.
Thuirt teaghlach Samuel Foster gur e balach gasta, laghach a bh' ann, is gun robh tòrr charaidean aige.
B' e am fear as òige na theaghlach, is bràthair is dithis pheathraichean aige.
Thuirt a theaghlach nach eil faclan aca airson mìneachadh mar a bhios iad ga ionndrainn.
Thug iad taing dhan a h-uile duine a th' air fios a chur orra bho thachair an tubaist.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh25 An Gearran 2019
