Brùra fhathast an dòchas gum faigh iad dhan SPFL
- Air fhoillseachadh

Thuirt Brora Rangers gu bheil iad fhathast an dòchas gum faigh iad àite san SPFL nuair a thòiseachas ball-coise às ùr.
Dh'innis an SPFL Diluain gu bheil an seusan a-nise seachad is clubaichean na Prìomh Lìge air aontachadh nach urrainn dhaibh na geamaichean aca a chluich.
Chleachd iad an siostam a thug lìogaichean eile an SPFL gu ceann tràth, is an lìog air a' cheann thall a rèir na fhuair gach cluba de phuingean bho na chluich iad de gheamaichean.
Dh'fhàg sin gun do bhuannaich Celtic a' Phrìomh Lìog le Hearts a' crìochnachadh aig bonn na lìge.
Structar
Dh'fhaodadh fhathast gum fuirich Hearts aig an ìre as àirde ge-tà, is cathraiche a' chluba, Ann Budge, os cionn oidhirp ùire gus structar nan lìogaichean atharrachadh.
Thuit a' chiad oidhirp air aonta a thaobh sin às a' chèile.
Bha Brùra ann an suidheachadh làidir aig mullach Lìog na Gàidhealtachd nuair a sguir ball-coise ri linn a' Choròna-bhìorais, is chaidh an tiotal a thoirt dhaibh bho chionn grunn sheachdainean.
Leis nach bi geamaichean dearbhaidh air an cluich ge-tà, tha an doras chun SPFL dùinte.
Taic
Tha an cluba fhathast dòchasach gum bi cothrom ann dhaibh adhartas a dhèanamh ma thèid an SPFL a leudachadh le structar ùr.
"Tha sinn a' cur meal a naidheachd air Celtic", thuirt Brùra ann am brath sgrìobhte.
"Tha sinn an dòchas gum faigh am plana ùr a thaobh structar nan lìogaichean taic.
"Dh'fhàgadh sin tha fios, agus gu ceart, gum fuiricheadh Hearts, Partaig is an t-Sròn Reamhar anns na lìogaichean anns a bheil iad, agus bhiomaid an dòchas, Brora Rangers is Kelty Hearts a bhith a' dol suas dhan SPFL", thuirt iad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 An Cèitean 2020

- Air fhoillseachadh28 An Giblean 2020
