Covid-19 ann an SGG

  • Air fhoillseachadh
Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

Tha cuid de sgoilearan aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu gan cumail fhèin fa leth nan dachaighean às dèidh mar a chaidh an Corona-bhìoras a dhearbhadh san sgoil.

Thuirt Comhairle Baile Ghlaschu gun deach litir a chur gu pàrantan an fheadhainn a tha a' fuireach a-staigh le fiosrachadh iomchaidh a thaobh slàinte a' phobaill.

Dh'innis a' Chomhairle gu bheil siostam aca ann an àite airson a h-uile sgoil gus stad a chur air sgaoileadh a' bhìorais is gu bheil iad a' cumail fios ri teaghlaichean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo