Fearg às ùr mun A83
- Air fhoillseachadh

Nochd mì-thoileachas às ùr mun A83 aig an Rest and Be Thankful is coltas ann gum bi Seann Rathad an Airm san sgìre dùinte a-nise gu Diardaoin.
Thuirt Leas Phròbhost Earra-Ghàidheal, an Comh. Ruairidh MacCuthais, nach eil an suidheachadh idir math gu leòr.
Tha an A83 fhèin ann an Gleann a' Chrò dùinte an-dràsta is obair-càraidh air a bhith a' dol air adhart feuch a dhìon bho mhaoimtean-slèibhe.
Chaidh Seann Rathad an Airm, a tha ga chur gu feum mar shlighe èiginn nuair a tha am prìomh rathad dùinte, a dhùnadh air an oidhche air an deireadh-sheachdain is uisge trom ann, ach dh'fhosgail e a-rithist tron là Diluain.
Ach le dùil ri tuilleadh uisge eadar seo is Diciadain, dh'innis BEAR Alba gun robh iad a' dùnadh Seann Rathad an Airm aig 6:00f Diluain is nach fosgladh e idir Dimàirt.
Thuirt a' bhuidheann gun dèan iad measadh air an t-suidheachadh gach là ach gu bheil e h-uile coltas ann gum bi Seann Rathad an Airm dùinte gu Diardaoin.
Tha seo a' fàgail gum feum draibhearan slighe nas fhaide a ghabhail tro Thaigh an Droma.
San aithghearrachd
Tha an Comh. MacCuthais am measg an fheadhainn nach eil air an dòigh.
"'S e slighe air leth cudromach a tha seo a-steach a dh'Earra-Ghàidheal is Bòd. A bhith dùinte fad suas ri trì làithean, chan eil sin idir math gu leòr".
"Gu follaiseach chan eil an rud a tha iad a' dèanamh ag obair. Feumaidh adhartas a bhith ann is feumaidh e a bhith ann san aithghearrachd.
"Tha freagairt Riaghaltas na h-Alba a thaobh seo na bhriseadh-dùil dhomh. Tha e mar gum biodh gu bheil iad air a bhreabadh dhan fheur fhada.
"Nam biodh sinn ann an àite sam bith eile ach costa siar na h-Alba, bhiodh seo air a chur ceart ron seo", thuirt e.
Chuir Riaghaltas na h-Alba air adhart 11 roghainn, taobh a-muigh 'son fuasgladh maireannach aig an Rest and Be Thankful fhèin air neo slighe ùr a chruthachadh.
Dhùin co-chomhairle aig deireadh an Damhair.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh16 An t-Samhain 2020
