Leasachadh turasachd Chùil Lodair ga dhiùltadh
- Air fhoillseachadh

Dhiùlt comhairlichean Gàidhealach cead dealbhachaidh a thoirt do leasachadh turasachd faisg air làrach Bhlàir Chùil Lodair.
Bhòt na comhairlichean gu h-aona-ghuthach an aghaidh phlana airson ionad marcachd a leasachadh mar aitreabh luchd-turais, le loidsichean, bùth agus taigh-bìdhe.
Bha Urras Nàiseanta na h-Alba agus Comann Gàidhlig Inbhir Nis am measg na bha a' cur an aghaidh na sgeama.
Bha oifigich na Comhairle a' moladh an leasachadh a cheadachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 An Dùbhlachd 2020
