Càball ùr ann an 2021
- Air fhoillseachadh

Chaidh fàilte, gu ìre, air an naidheachd gun tèid càball ùr dealain a chur eadar na Hearadh agus an t-Eilean Sgitheanach an ath-bhliadhna.
Bhrist an càball a th' ann san Dàmhair.
Tha sin air fàgail gu bheil muinntir Leòdhais is na Hearadh a' faighinn dealain bho stèisean dìosail.
Tha e cuideachd air fàgail gu bheil tuathan-gaoithe coimhearsnachd a bha a' cur dealain dhan ghriod nàiseanta tron chàball nan tàmh.
Tha SSEN a-nise air innse gu bheil dùil aca gun ruig an càball ùr an Rìoghachd Aonaichte sa Chèitean 2021, is gum bi e ann an àite agus ag obair san Lùnastal.
'S e càball 33kV a bhios ann, coltach ris a' chàball a bhrist.
Riaghailtean
Thuirt SSEN gun robh iad mothachail gun robh cuid anns na h-Eileanan air càball nas motha iarraidh, ach thuirt iad nach biodh càball 132kV deiseil gu 2023 aig a' char as tràithe.
Thuirt iad gum biodh sin a' ciallachadh gum biodh daoine an eisimeil an stèisein dìosail ro fhada is gum biodh na companaidhean coimhearsnachd trì bliadhna gun chomas air dealan a chur gu Tìr-Mòr.
Dh'innis SSEN cuideachd gu bheil fios aca gun robh iarrtas ann bho chuid gum biodh càball ùr ann gu sònraichte airson sgeamaichean ath-nuadhachail coimhearsnachd, ach thuirt iad nach eil seo ceadaichte fo riaghailtean a' ghnìomhachais.
Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil iad fhathast a' cur romhpa càball mòr ùr a thogail eadar na h-Eileanan an Iar is Tìr-Mòr.
Ach ged a bhios an càball ùr na fhaochadh, tha meudachd a' chàbaill na bhriseadh-dùil do chuid.
Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn am measg nam buidhnean le sgeama ath-nuadhachail air a bheil an suidheachadh air buaidh a thoirt.
"Na bu luaithe"
"'S e tìodhlac de sheòrsa a th' ann", thuirt cathraiche Urras Oighreachd Ghabhsainn, Agnes Rennie.
"Bha dòchas ann gur mathaid gur e cothrom a bha gu bhith an seo air coimhead ri cothrom a bharrachd a thoirt, chan ann a-mhàin dha na h-urrasan ach dìreach do chumhachd ath-nuadhachail a dhèanamh anns na h-Eileanan agus a reic a-mach.
"Ach ged a bha còmhraidhean a' dol, thàinig an naidheachd seo gu math luath an-dè agus tha fiosam an feadhainn a tha air a bhith an sàs anns na còmhraidhean, gun tàinig e na bu luaithe na bha dùil aca.
"Bha dùil gun robh co-chomhairleachadh a' dol air adhart ach co-dhìu, 's e seo an naidheachd agus ann an dòigh 's e naidheachd mhath a th' innte, ach briseadh-dùil ann an dòigh eile", thuirt i.
Thuirt a' Bh.Ph. Rennie cuideachd gu bheil an argamaid airson càball mòr ùr dealain a thogail eadar na h-Eileanan is Tìr-Mòr nas làidire na bha e a-riamh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair 2020

- Air fhoillseachadh23 An Dàmhair 2020
