Riaghailtean ùra nam briseadh-dùil do chuid
- Air fhoillseachadh

Tha cuid anns na h-Eileanan an Iar ag ràdh gu bheil na riaghailtean ùra a thaobh Covid-19 nam briseadh-dùil mòr dhaibh agus gu bheil faireachdainn ann gu bheil iad mì-chothromach, gu sonraichte do dh'eileanaich.
Fo na riaghailtean a chaidh fhoillseachadh air an deireadh-sheachdainn, chan eil e ceadaichte siubhail airson teaghlach fhaicinn ach air Là na Nollaig fhèin.
Thathas a' moladh do dhaoine gur e an là a chur seachad leis an fheadhainn a tha a' fuireach còmhla riutha an dòigh as fheàrr an Nollaig a chomharrachadh am-bliadhna.
Thèid gach sgìre air Tìr-Mòr (agus an t-Eilean Sgitheanach) gu Ìre 4 de riaghailtean Covid an là às dèidh na Nollaige. Thèid na h-Eileanan an Iar, na h-Eileanan a Tuath, is cuid de dh'eileanan Earra-Ghàidheal, gu Ìre 3.
Gheibhear fiosrachadh mu na h-ìrean an seo, taobh a-muigh.
Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil feum air ceumanan ùra is gne ùr den choròna-bhìoras air nochdadh.
Tha an suidheachadh ùr a' ciallachadh gu bheil e do-dhèante do dhaoine siubhail bho Thìr-Mòr do na h-eileanan airson na Nollaig.
Mhìnich Calum Aonghas MacAoidh à Leòdhas gu bheil an nighean as sinne aca a' fuireach ann an Glaschu is gun robh i, coltach ri òigridh gu leòr eile às na h-Eileanan air Tìr-Mòr, an dùil tilleadh dhachaidh 'son na Nollaig.
Ciall
Thuirt Mgr MacAoidh gu bheil faireachdainn ann gu bheil na riaghailtean ùra a' bualadh nas cruaidhe air na h-Eileanan na sgìrean eile.
"Tha siubhail tron gheamhradh air a bhith duilich bho riamh gu na h-Eileanan Siar, agus tha gu leòr de dhaoine a tha a' faireachdainn gu bheil an riaghailt aon là gach taobh de Là na Nollaig, nach eil e eagallach fhèin cothromach agus feidhir air coimhearsnachd nan Eilean Siar.
"Agus a' cuimhneachadh cho math 's a tha a h-uile duine air a bhith a' leantainn riaghailtean agus a' cumail na h-àireimh gu math math ìosal", thuirt e.
Thuirt Mgr MacAoidh gun robh òigridh às na h-Eileanan ag ullachadh airson turas dhachaigh le deuchainn fhaighinn 'son dèanamh cinnteach nach robh Covid-19 orra.
Ach ged a tha an suidheachadh na briseadh-dùil mòr, dh'innis e gu bheil a h-uile dùil aige gun lean daoine an stiùireadh ùr.
"Tha mi a' creidsinn gur e galar a th'ann a dh'fheumas tomhas de chiall na lùib.
"Feumaidh sinn gabhail ris gur e seo a thathas a' cur mar coinneimh airson math an t-sluaigh", thuirt e.
Gheibhear an stìuireadh às ùr bho Riaghaltas na h-Alba mu na riaghailtean a thaobh Covid-19 aig an Nollaig is a' Bhliadhna Ùir an seo, taobh a-muigh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An Dùbhlachd 2020
