"Chan eil sinn a' dol a ghabhail ri gearradh sam bith"

  • Air fhoillseachadh
An Tairbeart

Sgrìobh Fòram na Hearadh gu CalMac is iad feargach leis a' mholadh as ùire bhon chompanaidh airson clàr-ama an t-samhraidh eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh.

Thill CalMac le molaidhean ùra is a' choimhearsnachd air càineadh a dhèanamh air na chuir iad air adhart bho thùs, is iad a' coimhead ri seòlaidhean a ghearradh, air neo deic a' mhezzanine a thoirt a-mach à seirbheis.

Ged a tha CalMac a-nise ag ràdh nach tèid seòlaidhean a lùghdachadh is gun tèid deic a' mhezzanine a chur gu feum air cuid de sheirbheisean, tha a h-uile coltas ann nach eil daoine dad nas riaraichte.

Thuirt Coinneach MacLeòid bho Fhòram na Hearadh nach eil na molaidhean ùra "càil nas fheàrr".

"Cha robh sùil againn ri càil ach an t-seirbheis a th' air a bhith againn bho chionn bhliadhnaichean", thuirt Mgr MacLeòid.

Airgead

Tha am fòram a' cuideachd a' togail ceist às ùr mun t-suim airgid de £800,000 a tha CalMac ag ràdh a chosgadh e an clàr-ama a chur air ais mar a bha e ann an 2019.

Thuirt Mgr MacLeòid nach eil e follaiseach cò às a thàinig an t-àrdachadh seo, is ma tha cosgaisean dha-rìribh air a dhol an àird cho mòr gur e gnothach a th' ann do ChalMac agus Riaghaltas na h-Alba, is nach bu chòir buaidh a bhith air a' choimhearsnachd.

"Tha cùmhnant aca airson a bhith a' ruith na seirbheis seo agus tha sinn ag iarraidh orra, a rèir a' chùmhnaint a tha sin, a bhith a' ruith na seirbheis mar a bha i ann an 2017, 2018 agus 2019.

"Bha an aon àireamh de luchd-siubhail is carbadan ann an uairsin 's a th' ann an-dràsta.

"Chan eil càil air atharrachadh ach gu bheil iad ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh airgead a bharrachd", thuirt e.

Fo-thiotal,

Agallamh rèidio le Coinneach MacLeòid aig Fòram na Hearadh.

Tha Fòram na Hearadh cuideachd ag ràdh gu bheil an call eaconomach a thigeadh air na coimhearsnachdan anns na h-Eileanan ri linn nam molaidhean seo gu math nas motha na £800,000.

Thuirt Mgr. MacLeòid gu bheil tomhais ann gum faodadh na cosgaisean sin faisg air £10m ruighinn.

Agus tha e ag ràdh nach gèill a' choimhearsnachd a-muigh no a-mach.

"Chan eil sinn a' tuigsinn idir cò às a thàinig an treas roghainn a tha seo. Cha robh seo a-riamh air a' bhòrd.

"A h-uile turas a tha sinn ag ràdh rud, tha iad a' tighinn air ais ri rud eile.

Peanasachadh

"Chan eil sinn a' dol a stad idir. Chan eil sinn a' dol a ghabhail ri gearradh sam bith.

"Tha cùmhnant acasan airson an t-seirbheis a ruith, is tha sinn ag iarraidh orra a bhith a' ruith a' chùmhnaint mar a bha e.

"Ma tha na cosgaisean air a dhol an àird, chan urrainn dhaibh a bhith a' peanasachadh nan coimhearsnachdan", thuirt e.

San litir aca is iad a' cur nam molaidhean ùra air adhart, thuirt CalMac gu bheil iad ag aithneachadh nach e seo am fuasgladh as fheàrr a th' ann, ach gu bheil iad an dòchas gur e dòigh a th' ann air dèiligeadh gu ìre ris na draghan a chaidh a thogail.

Tha aig coimhearnachdan na sgìre gu Dimairt an 7mh den Dùbhlachd gus an cuid bheachdan mu na molaidhean a chur air ais gu CalMac tro Chomhaire nan Eilean Siar.

Tuilleadh air an sgeulachd seo