
Chaidh fhoillseachadh gur ann fireann a tha an cuilean mathain bhàin a rugadh an-uiridh aig Pàirce Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd.
Rugadh an cuilean, air nach eil ainm fhathast, don mhathan Bhictoria.
'S e an dàrna cuilean a bh' aig Bhictoria.
Chaidh Hamish a bhreith ann a 2017 - a' chiad mhathan bàn a rugadh anns an Rìoghachd Aonaichte ann an 25 bliadhna.
Misneachd
Tha an cuilean ùr a-niste trì mìosan de dh'aois, agus an dèidh a' chiad sgrùdaidh slàinte a rinneadh air, tha coltas gu bheil e gu math.
Chaidh chip a chur ann, agus chaidh banachdaichean a thoirt dha, 's a rèir choltais tha a chuid misneachd a' fàs gach là.
Chan fhaigh am mòr-shluagh cothrom air fhaicinn fhathast, gus beagan fois is prìobhaideachd a thoirt dha.
Tha dùil ge-tà, gun tèid a ghluasad gu crò nas motha sna seachdainnean a tha romhainn, 's gum faic am poball an cuilean an uairsin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 Am Faoilleach 2022
