
Chaidh dràibhear làraidh a mharbhadh air an A9 faisg air Alanais Dimàirt às dèidh tubaiste san robh grunn charbadan.
Chaochail an duine a bha 58, aig làrach na tubaiste aig crois-rathaid Sgitheach.
Bha an rathad dùinte gach taobh airson grunn uairean de thìde às dèidh làimh.
Thuirt na Poilis gun robh dà làraidh agus trì chàraichean an-sàs san tubaist.
Chaidh fios a chur air teaghlach an duine.
Thàinig fios mun tubaist mu 12:30f Dimàirt.
Rinn na seirbheisean èiginn sgrùdadh air na daoine eile a bha san tubaist ach cha robh duine aca air an toirt dhan ospadal.
Tha na Poilis ag ràdh gu bheil iad a' sireadh fiosrachaidh bho neach sam bith as urrainn cuideachadh leis an rannsachadh aca, gu h-àraid feadhainn le dashcam.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 An Giblean 2022
