Leudachadh gnothachais am Baile a’ Mhanaich

  • Air fhoillseachadh
LeasachadhTùs an deilbh, HIE

Dh'innis Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean gun tèid seachd aonadan ùra gnothachais a thogail ann am Baile a' Mhanaich.

Tha seo mar phàirt de phlana gus barrachd ghoireasan den leithid a stèidheachadh air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Bha HIE air innse mar-thà an t-seachdainn seo gun tèid ochd aonadan gnothachais a thogail san Àth Leathann mar phàirt den phlana.

Tha dearbhadh ann a-nise air seachd aonadan ann am Baile a' Mhanaich.

Bidh iad ann an Raon Gnothachais Eabhal.

Iarrtas

Chaidh còig aonadan a thogail an sin ann an 2020 is iad uile air an cleachdadh.

"Tha tòrr chompanaidhean beaga airson a bhith a' fàs, ach 'son fuireach san sgìre ionadail aca agus barrachd dhaoine fhastadh", thuirt manaidsear sgìreil HIE anns na h-Eileanan an Iar, Joanna Peteranna.

"Feumaidh iad làraichean a tha freagarrach, is feumaidh làraichean a bhith ann cuideachd 'son gnothachasan ùra a thàladh chun nan eilean.

"Chunnaic sinn iarrtas mòr 'son aonadan Bhaile a' Mhanaich roimhe agus cuidichidh a' phròiseict seo gus an t-iarrtas sin a shàsachadh", thuirt i.

Chaidh na h-aonadan a dhealbh leis a' chompanaidh ionadail Fraser Architecture ann am Baile a' Mhanaich.