Dùil gun tèid cìsean-pàircidh suas aig an Stòr

  • Air fhoillseachadh
Bodach an StòirTùs an deilbh, Getty Images

Thèid iarraidh air comhairlichean Diluain cìsean-pàircidh aig an Stòr ann an ceann a tuath an Eilean Sgitheanaich a chur suas.

Chaidh £2m a chosg air leasachaidhean aig an làraich bho chionn ghoirid agus draghan ann nach robh e comasach dèiligeadh ris an aireimh de dhaoine a tha a' tadhal air an àite.

Thathas a' dèanamh dheth gu bheil an Stòr a' tàladh timcheall air 200,000 duine gach bliadhna.

Cluinnidh Comataidh an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair Diluain, taobh a-muigh mar a chaidh goireasan ùra a stèidheachadh is dà dhreuchd làn-ùine a chruthachadh airson dèiligeadh ris an t-suidheachadh.

Chaidh goireasan-pàircidh a leasachadh, cho math ri taighean-beaga, goireasan do bhanaichean-campachaidh agus staranan ùra.

Tha an obair sin a' leantainn.

Thèid cuideachd bùth a stèidheachadh aig an làraich an ath-bhliadhna.

Cìsean

Thathas a-nise a' moladh do bhuill aontachadh gun tèid cìsean-pàircidh aig an làraich a chur suas.

An-dràsta tha e a' cosg £3 'son trì uairean a thìde, £5 'son sia uairean a thìde, is £7 'son suas ri 12 uairean a thìde.

Fo na molaidhean ùra bhiodh e a' cosg £5 'son suas ri sia uairean a thìde agus £7 'son suas ri 12 uairean a thìde.

Thathas an dùil gun togadh seo eadar £50,000 is £90,000 a bharrachd gach bliadhna.

Thèid innse do chomhairlichean cuideachd Diluain gu bheilear ag obair air làrach-lìn ùr airson an Stòir is gun tèid i beò a dh'aithghearr.

A thuilleadh air sin, tha dùil gun tèid siostam didseatach a stèidheachadh airson pàirceadh a chur air dòigh aig an làraich.

Tuilleadh air an sgeulachd seo