
Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd dearbhadh bho Riaghaltas na h-Alba gum faod iad leantail orra le Bun-sgoil Drochaid Ruaidh ann an Loch Abar a dhùnadh.
Seo às dèidh dhan Chomhairle co-dhùnadh san Dàmhair an sgoil a dhùnadh.
Cha robh an sgoil air a cleachdadh bhon Chàisg 2017.
Chaidh co-chòmhairle phoblach mun phlana an sgoil a dhùnadh a chumail eadar an 24mh den t-Samhain 2021 agus an 21mh den Fhaoilleach 2022.
Air a' cheann thall, cho-dhùin a' Chomhairle gum bu chòir dhan sgoil a dhùnadh agus crìochan sgoile Bun-sgoil Drochaid an Aonachain atharrachadh airson Drochaid Ruaidh a ghabhail a-steach.
Tha cead aca a-nise bhon Riaghaltas sin a dhèanamh is thuirt a' Chomhairle gun tèid an co-dhùnadh a chur an sàs sa bhad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 An Dàmhair 2022

- Air fhoillseachadh21 Am Faoilleach 2022
